THIS IS A STATIC MIRROR OF USERSCRIPTS.ORG - LOGINS DO NOT WORK

facebook-gd

By Kevin Scannell Last update Sep 18, 2012 — Installed 1,185 times.

Script Summary: Translates Facebook into Scottish Gaelic



Version: 1.0.6

[Script homepage](http://indigenoustweets.com/)

Fàilte gu Facebook 'nad chànan-sa!

Puing no dhà mus dèid sinn air adhart:
* Cuiridh seo Gàidhlig air cuid dhen làrach, chan ann an làrach air fad. Dìreach na teachdaireachdan as cumanta.
* Feumaidh tu English (US) a thaghadh mar chànan ann am Facebook mus obraich e, air neo bi e tro chèile a thaobh rudan mar Favourites seach Favorites.

Deiseil is deònach? Stiall ort ma-tà, seo mar a nì thu e:
Ma tha Firefox agad
1) Feumaidh tu prògram beag a bharrachd fhaighinn air a bheil [Greasemonkey](https://addons.mozilla.org/en-US/firefox/addon/greasemonkey/)
2) Turas a bhith am muncaidh agad, briog air a' phutan mhòr uaine air an taobh deas a tha ag ràdh Install. Chì thu uinneag air a bheil "Greasemonkey Installation" an uairsin. Aontaich ris an stàladh agus sin agad e. 'S mathaid gum bi agad Firefox a dhùnadh 's fhosgladh a-rithist. Mur eil a' Ghàidhlig a' nochdadh fhathast, dèan cinnteach gu bheil am muncaidh beò. Lorg an dealbh beag dheth air bàr Firefox - bidh na dathan nas soilleire ma tha e beò. Ma tha e 'na thàmh, bidh sgleò air. Briog air gus a chur beò. Sin agad e!

Ma tha Chrome agad
1) Briog air a' phutan mhòr uaine air an taobh deas a tha ag ràdh Install. 'S mathaid gum bi agad Chrome a dhùnadh 's fhosgladh a-rithist.

Ma tha duilgheadas sam bith agad leis, gheibh thu taic air an duilleag aig [Akerbeltz](http://www.facebook.com/pages/Akerbeltz/181413708548877) air Facebook air no san earrann software air [Fòram na Gàidhlig](http://www.foramnagaidhlig.net/foram/index.php)

Agus ma chì thu fear a-riamh air a bheil Kevin Scannell, dèan beic ris, is esan draoidh a' phrògraim seo!